Tapadh leibh airson a thighinn a chèilidh. Thanks for calling in

Bidh an ceathrar againn bho àm gu àm a’ cur chriomagan naidheachd an àrd agus ‘ s dòcha gum bi duine no dithis air aoigheachd againn cuideachd. All four of us will be contributing to the Meantime blog plus we may have one or two guests.

Thursday, 18 March 2010

Tha am blog air a dhol chun nan con ..cha mhòr. Nach ann mar seo a tha cùisean an còmhnaidh. Làn dhùil againn uile a dhol dhan gym trì tursan san t-seachdain, a’ gealltainn na toitean a chur bhuainn, ionnsachaidh sinn caismeachd 2/4 gach cealla deug agus ùrachaidh sinn am blog gach mìos. Och well, fhad ‘s nach robh dùil agaibh air a chaochladh..

Cuiridh mi an àrd pìos no dhà de bhàrdachd a thàinig am bàrr, a-mach asam, tromham, ‘s mi nam laighe le mo mhàileid mhòr air mo mhionnach ann am bus shelter taobh a-muigh Pheairt a’ feitheamh air a’ bhus Mhega airson mo thoirt a Ghlaschu.

Chuala mi gu robh duais £ 2000 ga thabhachd ann am farpais bhàrdachd air choireigin ann an Èirinn. Bha mi gu bhith pòsadh agus cha robh fada on a fhuair mi a-mach gu robh free bar gu bhith ann. Nach b’ iongantach na briathran drùidhteach a thaom asam……

Duff na Gàidhlig

Dhèanadh i duff
A bha drùidhteach
Dubh, cha mhòr
Na dhreach
Dearcagan tiormaichte
Dùmhail
Do-chunntail

Druidheag bheag de dhrama
Deur, dìreach
A’ drùidheadh troimhe

Cha deanainn fhìn
Duff cho math
Cha bu dùraig dhomh
Chan eil an dòigh agam
Gu dòigheil
Nam dhualchas
Nam dhùthchas
oir
‘B ann tro channtaireachd
‘Ic Chruimein
A dh’innseadh an reasabaidh
Agus cha b’ann
tro channtaireachd
Chlann Airt

Dirri din a drao
Dirri drao a din
(Dwelly, duilleag 160)

0 comments:

Post a Comment